※ 引述《wubaia (To be or not to be.)》之銘言:
: 是外語歌,可是我不知道是那一國誰唱的 愛爾蘭文
: 歌名叫:鍾愛大地
: 然後在CD上面還有這些訊息:
: "The mo run air a ghille(I Love the Lad)
: 請問那位大大有歌詞的,可以分享一下嗎?
: 謝謝
Mary Jane Lamond - Tha Mo Rùn Air a'Ghill (I Love That Lad) 鍾愛大地
專輯:Suas E! (1997)
[Enya沒有唱過這首歌]
Oidhche Shamhna dhomh 's mi m'ònar
Smaointich mi gun dianainn òran
'S truagh a Rìgh nach mi bha pòsd'
Ri òigear a' chùil dualaich
Gura h-e mo ghaol an t-òigear
A' chùil duinn 's a' leadain bhòidhich
'S mi gu siubhladh leat far m'eòlais
Ged tha an còta ruadh ort
Chuir thu falt mo chinn gu talamh
Chuir thu mo ghruaidh dhearg an tainead
'S truagh nach robh mise 's an anart
Mun deachaidh mo luaidh riut
Tha mi nochd a' dol a laighidh
'S cinnteach leam gum faic mi aisling
Thu bhi sìnte ann 'am leabaidh
Tacan air a' chluasaig
[Chorus:]
Tha mo rùn air a' ghille
'S mór mo dhùil ri thu thilleadh
'S mi gu siubhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar-bheann
Oidhche Shamhna dhomh 's mi m'ònar
Smaointich mi gun dianainn òran
'S truagh a Rìgh nach mi bha pòsd'
Ri òigear a' chùil dualaich
(Chorus)
Gura h-e mo ghaol an t-òigear
A' chùil duinn 's a' leadain bhòidhich
'S mi gu siubhladh leat far m'eòlais
Ged tha an còta ruadh ort
(Chorus)
Chuir thu falt mo chinn gu talamh
Chuir thu mo ghruaidh dhearg an tainead
'S truagh nach robh mise 's an anart
Mun deachaidh mo luaidh riut
(Chorus)
Ged tha blàth na bric' air d'aodann
Cha do lughdaich e mo ghaol ort
'S mi gu siubhladh leat a' saoghal
Nan saoilinn-se do bhuannachd
(Chorus)
Phòsainn thu dh'aindeòin mo chàirdean
Gun toil m'athar, no mo mhàthar
Eachann saor a tha mi 'g ràitinn
Bhon 's e chnàmh a' ghruag dhiom
(Chorus)
Tha mi nochd a' dol a laighidh
'S cinnteach leam gum faic mi aisling
Thu bhi sìnte ann 'am leabaidh
Tacan air a' chluasaig
(Chorus...)
--
※ 發信站: 批踢踢實業坊(ptt.cc)
◆ From: 123.194.69.227
※ 編輯: azy2012 來自: 123.194.69.227 (04/30 23:36)